Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 15:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlac Otniel, mac Chenais, bràthair Chàleib, e: agus thug e dha Achsah a nighean na mnaoi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Rug i mar an ceudna Saaph athair Mhadmanah, Sebhah athair Mhachbenah, agus athair Ghibeah: agus b’i nighean Chàleib Achsa.

B’e an dara-ceannard-deug, fa chomhair an dara-mìos-deug, Heldai an Netophatach o Otniel: agus na roinn-san bha ceithir-mìle-fichead.

Agus mic Chenais: Otniel, agus Seraiah: agus mic Otnieil: Hatat.

Saor o Chàleb mac Iephuneh an Ceniseach, agus Iosua mac Nuin: oir lean iadsan an Tighearna gu h‑iomlan.

An sin thàinig clann Iùdah gu Iosua ann an Gilgal; agus thubhairt Càleb mac Iephuneh an Ceniseach ris, Tha fhios agad air an nì a thubhairt an Tighearna ri Maois, òglach Dhè, am thaobh-sa, agus ad thaobh fhèin, ann an Cadeis-barnea.

Agus thubhairt Càleb, Esan a bhuaileas Ciriat-sepher, agus a ghlacas e, dhàsan bheir mi Achsah mo nighean na mnaoi.

Agus ghlac Otniel mac Chenais, bràthair a b’òige Chàleib, e: agus thug e dha Achsah a nighean na mnaoi.

Agus bha fois aig an tìr rè dà‑fhichead bliadhna: agus fhuair Otniel mac Chenais bàs.

Agus nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, thog an Tighearna suas fear-saoraidh do chloinn Israeil, a shaor iad, eadhon Otniel mac Chenais, bràthair a b’òige Chàleib.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan