Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 15:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha a’ chrìoch an iar gus an fhairge mhòir agus a h‑oirthir: b’i sin crìoch chloinn Iùdah mun cuairt, a rèir an teaghlaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

An taobh an iar mar an ceudna bidh aig an fhairge mhòir on iomall, gus an tig duine a‑nall fa chomhair Hamait; seo an taobh an iar.

Agus làimh ri crìch Reubein, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Iùdah.

Gach àit air an saltair buinn ur cas, is leibhse: on fhàsach, agus Lebanon, on abhainn, an abhainn Euphràtes, eadhon gus an fhairge as fhaide a‑mach, bidh ur crìoch.

Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach gu taobh Ecroin ri tuath; agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Sicron, agus ghabh i thairis air sliabh Bhàalah, agus chaidh i a‑mach gu Iabneel: agus bha dol a‑mach na crìche aig a’ mhuir.

Asdod le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, Gàsah le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, gu abhainn na h‑Eiphit, agus an fhairge mhòir, eadhon a crìch.

Agus roinnidh iad e na sheachd earrannan: fanaidh Iùdah na chrìch fhèin air an taobh mu dheas, agus fanaidh taigh Iòseiph na chrìch fhèin air an taobh mu thuath.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan