Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 15:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach gu taobh Ecroin ri tuath; agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Sicron, agus ghabh i thairis air sliabh Bhàalah, agus chaidh i a‑mach gu Iabneel: agus bha dol a‑mach na crìche aig a’ mhuir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun do chuir thu teachdairean a dh’fhiosrachadh de Bhàal-sebub, dia Ecroin, mar nach biodh Dia ann an Israel a dh’fhiosrachadh de a fhacal, uime sin on leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha tig thu a‑nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs.

Agus thubhairt iadsan ris, Thàinig duine a‑nìos nar coinneamh, agus thubhairt e rinn, Rachaibh, tillibh a dh’ionnsaigh an rìgh a chuir uaithe sibh, agus abraibh ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, An ann a chionn nach eil Dia ann an Israel a tha thu a’ cur theachdairean a dh’fhiosrachadh de Bhàal-sebub, dia Ecroin? Uime sin on leabaidh sin air an deachaidh tu suas, cha tig thu a‑nuas, ach gu cinnteach gheibh thu bàs.

Agus chaidh e a‑mach, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus bhris e sìos balla Ghait, agus balla Iabneith, agus balla Asdoid; agus thog e bailtean ann an Asdod, agus am measg nam Philisteach.

Agus a‑thaobh na crìche an iar, bidh agaibh eadhon an fhairge mhòr mar chrìch: bidh a’ chrìoch seo na crìch dhuibh air an làimh an iar.

Agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt o Bhàalah air an làimh an iar gu sliabh Sheir, agus ghabh i thairis gu taobh sliabh Iearim (is e sin Chesalon), air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu Bet-semes, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Timnah:

Agus bha a’ chrìoch an iar gus an fhairge mhòir agus a h‑oirthir: b’i sin crìoch chloinn Iùdah mun cuairt, a rèir an teaghlaichean.

Ecron le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga.

Agus thàirngeadh a’ chrìoch o mhullach an t‑slèibh gu tobar uisge Nephtoah, agus chaidh i a‑mach gu bailtean sliabh Ephroin, agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Bàalah; (is e sin Ciriat-iearim.)

Agus ghlac Iùdah Gàsa agus a chrìochan, agus Ascelon agus a chrìochan, agus Ecron agus a chrìochan.

Agus dh’èirich fir Israeil agus Iùdah, agus rinn iad iolach, agus chaidh iad air tòir nam Philisteach, gus an tig thu gu gleann agus gu geatachan Ecroin: agus thuit iadsan a bha leònte de na Philistich air an t‑slighe gu Sàraim, eadhon gu ruig Gat, agus gu ruig Ecron.

Uime sin chuir iad air falbh àirc Dhè gu Ecron; agus nuair a bha àirc Dhè air teachd gu Ecron, dh’èigh na h‑Ecronaich, ag ràdh, Thug iad mun cuairt dar n‑ionnsaigh-ne àirc Dia Israeil gu sinn fhèin a mharbhadh agus ar sluagh.

Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Ciod a nì sinn ri àirc Dia Israeil? Agus fhreagair iadsan, Thugar àirc Dia Israeil mun cuairt gu Gat. Agus thug iad mun cuairt àirc Dia Israeil gu Gat.

Agus thugadh na bailtean a ghlac na Philistich o Israel air an ais do Israel, o Ecron eadhon gu Gat; agus shaor Israel an crìochan à làimh nam Philisteach; agus bha sìth eadar Israel agus na h‑Amoraich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan