Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 15:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh a’ chrìoch mun cuairt o Bhàalah air an làimh an iar gu sliabh Sheir, agus ghabh i thairis gu taobh sliabh Iearim (is e sin Chesalon), air an taobh mu thuath, agus chaidh i sìos gu Bet-semes, agus ghabh i air a h‑aghaidh gu Timnah:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e, agus an sluagh uile a bha maille ris, o Bhàal Iùdah, a thabhairt suas à sin àirc Dhè, air an gairmear ainm Tighearna nan sluagh, a ghabhas còmhnaidh eadar na ceruban.

Ach cha d’èisd Amasiah ris: uime sin chaidh Iehoas rìgh Israeil suas, agus dh’amhairc e fhèin agus Amasiah rìgh Iùdah air aghaidh a chèile aig Bet-semes, a bhuineas do Iùdah.

Thug na Philistich mar an ceudna ionnsaigh air bailtean a’ chòmhnaird, agus air an taobh a deas de Iùdah, agus ghlac iad Bet-semes, agus Aialon, agus Gederot, agus Socho le a bhailtean beaga, agus Timnah le a bhailtean beaga, agus Gimso le a bhailtean beaga; agus ghabh iad còmhnaidh an sin.

Agus chaidh a’ chrìoch a‑mach gu taobh Ecroin ri tuath; agus thàirngeadh a’ chrìoch gu Sicron, agus ghabh i thairis air sliabh Bhàalah, agus chaidh i a‑mach gu Iabneel: agus bha dol a‑mach na crìche aig a’ mhuir.

Càin, Gibeah, agus Timnah: deich bailtean mòra lem bailtean beaga.

Agus Iron, agus Migdal-el, Horem, agus Bet-hanat, agus Bet-semes; naoi mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.

Agus Ain le a fhearann co‑roinn, agus Iutah le a fhearann co‑roinn, agus Bet-semes le a fhearann co‑roinn: naoi bailtean as an dà threubh sin.

Agus chaidh Samson sìos gu Timnat; agus chunnaic e bean ann an Timnat de nigheanan nam Philisteach.

Uime sin chaidh Samson sìos, agus a athair agus a mhàthair, gu Timnat, agus thàinig iad gu fìonliosan Thimnait; agus, feuch, bha leòmhann òg a’ beucaich na aghaidh.

Agus chì sibh, ma thèid i suas rathad a crìche fhèin gu Bet-semes, an sin rinn e an t‑olc mòr seo oirnn: ach mura tèid, an sin bidh fhios againn nach i a làmh-san a bhuail sinn; is tuiteamas a thàinig oirnn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan