B’e seo uime sin crannchur treubh chloinn Iùdah a rèir an teaghlaichean, eadhon gu crìch Edoim, gu fàsach Shin ri deas on chuid as fhaide a‑mach den iomall dheas.
Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir-là‑deug.
Agus nuair a ghlaodh sinn ris an Tighearna, chuala e ar guth, agus chuir e aingeal uaithe, agus thug e a‑mach sinn as an Eiphit; agus, feuch, tha sinn ann an Cadeis, baile anns a’ chuid as iomallaiche ded chrìch.
Agus o Ierusalem, agus o Idumèa, agus o thaobh thall Iòrdain, agus iadsan a bha timcheall Thìruis agus Shìdoin, thàinig cuideachd mhòr dhiubh da ionnsaigh, nuair a chuala iad cho mòr is a bha na nithean a rinn e.
A chionn gun do chiontaich sibh am aghaidh-sa am measg chloinn Israeil, aig uisgeachan Mheribah-Cadeis, ann am fàsach Shin; do bhrìgh nach do naomhaich sibh mi am meadhon chloinn Israeil.
Agus roinnidh iad e na sheachd earrannan: fanaidh Iùdah na chrìch fhèin air an taobh mu dheas, agus fanaidh taigh Iòseiph na chrìch fhèin air an taobh mu thuath.