Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 14:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mhionnaich Maois air an là sin, ag ràdh, Gu cinnteach bidh am fearann, air an do shaltair do chas, agad fhèin mar oighreachd, agus aig do chloinn gu bràth; a chionn gun do lean thu gu h‑iomlan an Tighearna mo Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Oir gearrar as droch dhaoine, ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, buan-mhealaidh iad an talamh.

Agus chaidh iad suas mu dheas, agus thàinig iad gu Hebron, far an robh Ahiman, Sesai, agus Talmai, mic Anaic. (A‑nis thogadh Hebron seachd bliadhna ro Shòan anns an Eiphit.)

Saor o Chàleb mac Iephuneh; chì esan e, agus dhàsan bheir mi am fearann air an do shaltair e, agus da chloinn, a chionn gun do lean e an Tighearna gu h‑iomlan.

Gach àit air an saltair buinn ur cas, is leibhse: on fhàsach, agus Lebanon, on abhainn, an abhainn Euphràtes, eadhon gus an fhairge as fhaide a‑mach, bidh ur crìoch.

Gach ionad air an saltair bonn ur coise, sin thug mi dhuibh, mar a thubhairt mi ri Maois.

Agus a‑nis, feuch, ghlèidh an Tighearna mi beò, mar a thubhairt e, na còig agus an dà‑fhichead bliadhna seo, eadhon o labhair an Tighearna am facal seo ri Maois, am feadh a dh’imich clann Israeil anns an fhàsach; agus a‑nis, feuch, tha mi an‑diugh ceithir-fichead agus còig bliadhna a dh’aois.

Agus thug iad Hebron do Chàleb, mar a thubhairt Maois: agus dh’fhuadaich e as a sin triùir mhac Anaic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan