Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 14:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh, thug mo bhràithrean, a chaidh suas maille rium, air cridhe an t‑sluaigh leaghadh: ach lean mise gu h‑iomlan an Tighearna mo Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Ach thubhairt na daoine a chaidh suas maille ris, Chan urrainn sinn dol suas an aghaidh an t‑sluaigh; oir is treasa iad na sinne.

Agus thog an co‑chruinneachadh uile suas an guth, agus ghlaodh iad; agus ghuil an sluagh air an oidhche sin.

Ach mo sheirbhiseach Càleb, a chionn gu robh aigesan spiorad eile maille ris, agus gun do lean e mi gu h‑iomlan, esan bheir mi don fhearann don deachaidh e; agus sealbhaichidh a shliochd e.

Saor o Chàleb mac Iephuneh an Ceniseach, agus Iosua mac Nuin: oir lean iadsan an Tighearna gu h‑iomlan.

Càit an tèid sinn suas? Chuir ar bràithrean ar cridhe fo mhì-mhisnich, ag ràdh, Tha an sluagh nas mò agus nas àirde na sinne; tha na bailtean mòr, agus daingnichte suas gu nèamh, agus os bàrr, chunnaic sinn mic nan Anacach an sin.

Saor o Chàleb mac Iephuneh; chì esan e, agus dhàsan bheir mi am fearann air an do shaltair e, agus da chloinn, a chionn gun do lean e an Tighearna gu h‑iomlan.

Rinneadh uime sin Hebron na oighreachd do Chàleb mac Iephuneh, an Ceniseach, gus an là‑an‑diugh, a chionn gun do lean e gu h‑iomlan an Tighearna Dia Israeil.

Is iad seo an dream nach do shalaicheadh le mnathan; oir is òighean iad: is iad seo an dream a tha a’ leantainn an Uain ge bè àit an tèid e: shaoradh iad seo o mheasg dhaoine, nan ciad-thoradh do Dhia, agus don Uan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan