Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 14:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thàinig clann Iùdah gu Iosua ann an Gilgal; agus thubhairt Càleb mac Iephuneh an Ceniseach ris, Tha fhios agad air an nì a thubhairt an Tighearna ri Maois, òglach Dhè, am thaobh-sa, agus ad thaobh fhèin, ann an Cadeis-barnea.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, thàinig duine le Dia à Iùdah le facal an Tighearna gu Betel: agus bha Ierobòam na sheasamh làimh ris an altair, a’ losgadh tùise.

Agus chaidh e an dèidh an duine le Dia, agus fhuair e na shuidhe e fo dharaig; agus thubhairt e ris, An tusa an duine le Dia, a thàinig à Iùdah? Agus thubhairt esan, Is mi.

Agus thubhairt e, Aig an àm shuidhichte seo, a rèir àm na beatha, bidh mac agad ad ghlacan. Agus thubhairt ise, Na dèan, mo thighearna, a dhuine le Dia, na dèan breug dod bhanoglaich.

Agus thàinig duine o Bhàal-salisa, agus thug e a dh’ionnsaigh an duine le Dia aran den chiad toradh, fichead buileann eòrna, agus làn dhiasan arbhair na mhàla; agus thubhairt e, Thoir don t‑sluagh, a‑chum is gun ith iad.

Agus thubhairt ise ra fear, Feuch a‑nis, tha fhios agam gur duine naomh le Dia e seo, a tha a’ gabhail seachad oirnn cho tric.

Agus shocraich e a ghnùis gu seasmhach, gus an robh nàire air: agus ghuil an duine le Dia.

Agus thàinig Elisa gu Damascas; agus bha Ben-hadad rìgh Shiria tinn: agus dh’innseadh dha, ag ràdh, Thàinig an duine le Dia an seo.

A‑nis mu thimcheall Mhaois, òglach Dhè, bha a mhic air an ainmeachadh de threubh Lèbhi.

A Thighearna, bha thusa ad ionad-còmhnaidh dhuinn o linn gu linn.

Agus thug mi iad gu taigh an Tighearna, gu seòmar mic Hanain mhic Igdaliah, òglach Dhè, a bha ri taobh seòmar nan uachdaran, a bha ri taobh seòmar Mhaaseiah mhic Shaluim, fear-gleidhidh an dorais:

Agus dh’imich iad, agus thàinig iad gu Maois, agus gu Aaron, agus gu co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, gu fàsach Phàrain, gu Cadeis; agus thug iad leo fios dan ionnsaigh, agus a dh’ionnsaigh a’ cho-chruinneachaidh uile, agus dh’fheuch iad dhaibh toradh na tìre.

Agus chiùinich Càleb an sluagh an làthair Mhaois, agus thubhairt e, Rachamaid suas a dh’aon fheachd, agus sealbhaicheamaid e; oir is urrainn sinn gu cinnteach a cheannsachadh.

De threubh Iùdah, Càleb mac Iephuneh.

Ach mo sheirbhiseach Càleb, a chionn gu robh aigesan spiorad eile maille ris, agus gun do lean e mi gu h‑iomlan, esan bheir mi don fhearann don deachaidh e; agus sealbhaichidh a shliochd e.

Gun amharas sam bith cha tig sibh a‑steach don fhearann a mhionnaich mise gun tugainn oirbh còmhnaidh a ghabhail ann, saor o Chàleb mac Iephuneh, agus Iosua mac Nuin.

Agus reub Iosua mac Nuin, agus Càleb mac Iephuneh, a bha dhiubhsan a rannsaich am fearann, an aodach.

Oir thubhairt an Tighearna umpasan, Gheibh iad gu deimhinn bàs anns an fhàsach. Agus cha d’fhàgadh duine dhiubh, saor o Chàleb mac Iephuneh, agus Iosua mac Nuin.

Saor o Chàleb mac Iephuneh an Ceniseach, agus Iosua mac Nuin: oir lean iadsan an Tighearna gu h‑iomlan.

Agus is e seo am beannachadh leis an do bheannaich Maois, òglach Dhè, clann Israeil ro a bhàs.

Agus cha d’èirich fàidh o sin ann an Israel cosmhail ri Maois, neach a b’aithne don Tighearna aghaidh ri aghaidh;

Agus fhuair Maois, òglach an Tighearna, bàs an sin, ann am fearann Mhòaib, a rèir facal an Tighearna.

Ach thusa, O òglaich Dhè, teich o na nithean sin: agus lean fìreantachd, diadhachd, creideamh, gràdh, foighidinn, ceannsachd.

A‑chum gum bi òglach Dhè coileanta, làn-deas a‑chum gach uile dheagh obrach.

Agus thill Iosua, agus Israel uile maille ris, don champ gu Gilgal.

Rinneadh uime sin Hebron na oighreachd do Chàleb mac Iephuneh, an Ceniseach, gus an là‑an‑diugh, a chionn gun do lean e gu h‑iomlan an Tighearna Dia Israeil.

Agus ghlac Otniel, mac Chenais, bràthair Chàleib, e: agus thug e dha Achsah a nighean na mnaoi.

Agus thàinig an sluagh a‑nìos à Iòrdan air an deicheamh là den chiad mhìos, agus champaich iad ann an Gilgal, anns an iomall a làimh na h‑àird an ear de Iericho.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan