Oir bha Maois air tabhairt oighreachd do dhà threubh, agus do leth-threubh, air an taobh eile de Iòrdan: ach do na Lèbhithich cha tug e oighreachd sam bith nam measg.
Mar an ceudna nuair a roinneas sibh le crannchur am fearann mar oighreachd, bheir sibh tabhartas don Tighearna, earrann naomh den fhearann: is e a fhad còig-mìle-fichead làmh-choille, agus a leud deich mìle; bidh seo naomh na uile chrìochan mun cuairt.
Iadsan bhuail Maois, òglach an Tighearna, agus clann Israeil; agus thug Maois, òglach an Tighearna, e mar sheilbh do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth-threubh Mhanaseh.
A‑mhàin do threubh Lèbhi cha tug e oighreachd sam bith; is iad ìobairtean an Tighearna Dia Israeil, a bheirear suas le teine, an oighreachd-san, mar a thubhairt e riu.
Maille ris an leth-threubh eile fhuair na Reubenich agus na Gadaich an oighreachd-san a thug Maois dhaibh an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, eadhon mar a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh;