Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 14:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bheannaich Iosua e, agus thug e do Chàleb mac Iephuneh Hebron mar oighreachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus bheannaich Iàcob Phàraoh, agus chaidh e a‑mach à làthair Phàraoh.

Agus thug Iòseph Iàcob a athair a‑steach, agus chuir e an làthair Phàraoh e: agus bheannaich Iàcob Phàraoh.

Agus na dhèidh seo dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas gu aon de bhailtean Iùdah? Agus thubhairt an Tighearna ris, Falbh suas. Agus thubhairt Daibhidh, Càit an tèid mi suas? Agus thubhairt esan, Gu Hebron.

Ghin Eleàsar Phinehas, agus ghin Phinehas Abisua,

Agus a‑thaobh nam bailtean beaga nam fearann, chòmhnaich cuid de mhic Iùdah ann an Ciriat-arba agus na bhailtean beaga, agus ann an Dibon agus na bhailtean beaga, agus ann an Iecabseel agus na bhailtean beaga,

Is ise na h‑aonar mo chalaman, mo bhean choileanta; is i aon nighean a màthar i, a seircean-se a rug i. Chunnaic na nigheanan i, agus bheannaich iad i; na bànrighnean agus na leannain, agus mhol iad i.

Rinneadh uime sin Hebron na oighreachd do Chàleb mac Iephuneh, an Ceniseach, gus an là‑an‑diugh, a chionn gun do lean e gu h‑iomlan an Tighearna Dia Israeil.

Agus do Chàleb mac Iephuneh, thug e roinn am measg chloinn Iùdah, a rèir àithne an Tighearna do Iosua, eadhon baile Arbah, athair Anaic: (is e sin Hebron).

Mar sin bheannaich Iosua iad, agus chuir e air falbh iad: agus chaidh iad dam pàilleanan.

Agus thug iad Hebron do Chàleb, mar a thubhairt Maois: agus dh’fhuadaich e as a sin triùir mhac Anaic.

An sin fhreagair Eli agus thubhairt e, Imich ann an sìth: agus gun tugadh Dia Israeil dhut d’iarrtas a dh’iarr thu air.

Bhris sinn a‑steach air taobh deas nan Cereteach, agus air a’ chrìch a bhuineas do Iùdah, agus air taobh deas Chàleib, agus loisg sinn Siclag le teine.

Agus dhaibhsan a bha ann an Hebron, agus do na h‑àitean a bha ann an Hebron, agus do na h‑àitean sin uile anns am bu ghnàth le Daibhidh agus a dhaoine tathaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan