Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 14:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin thoir dhomh a’ bheinn seo, mun do labhair an Tighearna anns an là ud; (oir chuala tu anns an là ud cionnas a bha na h‑Anacaich an sin, agus gu robh na bailtean mòr agus daingnichte;) ma thàrlas gum bi an Tighearna leam, an sin fògraidh mi a‑mach iad, mar a thubhairt an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Theagamh gun cluinn an Tighearna do Dhia uile bhriathran Rab-saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: tog suas d’ùrnaigh, matà, airson an fhuidhill a dh’fhàgadh.

Agus ghlaodh Asa ris an Tighearna a Dhia, agus thubhairt e, A Thighearna, chan eil ann ach an aon chuid dhutsa cuideachadh le mòran, no leòsan a tha gun neart: cuidich leinne, a Thighearna ar Dia; oir asadsa earbaidh sinn, agus ann ad ainm-sa thèid sinn an aghaidh na mòr-chuideachd seo: a Thighearna, is tusa ar Dia: na buadhaicheadh duine ad aghaidh.

Oir chan ann len claidheamh fhèin a fhuair iad sealbh anns an tìr, agus chan e an gàirdean fhèin a shaor iad, ach do dheaslàmh agus do ghàirdean-sa agus solas do ghnùise, a chionn gu robh deagh-ghean agad dhaibh.

Trìd Dhè nì sinn treubhantas, oir saltraidh esan sìos ar naimhdean.

Gidheadh, tha an sluagh làidir a tha nan còmhnaidh anns an fhearann, agus tha na bailtean air an cuartachadh le ballachan, agus ro‑mhòr: agus os bàrr, chunnaic sinn clann Anaic an sin.

Agus chunnaic sinn na famhairean an sin, mic Anaic, a thàinig o na famhairean; agus bha sinne nar sealladh fhèin mar fhionnain-fheòir, agus bha sinn mar sin nan sealladh-san.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Na gabh eagal roimhe, oir dod làimh-sa thug mi thairis e fhèin, agus a shluagh uile, agus a fhearann; agus nì thu air mar a rinn thu air Sihon, rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh aig Hesbon.

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Càit an tèid sinn suas? Chuir ar bràithrean ar cridhe fo mhì-mhisnich, ag ràdh, Tha an sluagh nas mò agus nas àirde na sinne; tha na bailtean mòr, agus daingnichte suas gu nèamh, agus os bàrr, chunnaic sinn mic nan Anacach an sin.

Eisd, O Israeil: tha thu gu gabhail thar Iòrdan an‑diugh, gu dol a‑steach a shealbhachadh chinneach as mò agus as treasa na thu fhèin, bailtean mòra agus daingnichte suas gu nèamh;

Uime sin tuig thusa an‑diugh, gur e an Tighearna do Dhia an tì a thèid thairis romhad na theine caithteach: cuiridh esan as dhaibh, agus cuiridh e sìos iad ad fhianais: mar sin fògraidh tu a‑mach iad, agus sgriosaidh tu iad gu grad, mar a thubhairt an Tighearna riut.

Is urrainn mi na h‑uile nithean a dhèanamh tre Chrìosd a neartaicheas mi.

Muinntir tre chreideamh a cheannsaich rìoghachdan, a dh’obraich fìreantachd, a fhuair geallaidhean, a dhruid beòil leòmhann,

Agus dh’fhògair Càleb a‑mach as a sin triùir mhac Anaic, Sesai, agus Ahiman, agus Talmai, clann Anaic.

Agus thug iad Hebron do Chàleb, mar a thubhairt Maois: agus dh’fhuadaich e as a sin triùir mhac Anaic.

Agus thubhairt Ionatan ris an òganach a dh’iomchair a airm, Thig, agus rachamaid thairis a dh’ionnsaigh freiceadan nan daoine neo-thimcheall-gheàrrte ud: theagamh gun obraich an Tighearna air ar son; oir chan eil bacadh air an Tighearna saoradh le mòran no le beagan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan