Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 14:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Fhathast tha mi cho làidir an‑diugh is a bha mi anns an là anns an do chuir Maois uaithe mi: mar a bha mo neart an sin, mar sin tha mo neart a‑nis, a‑chum cogaidh, agus a dhol a‑mach, agus a theachd a‑steach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

A shàsaicheas do bheul le nithean matha, air chor is gun ath-nuadhaichear d’òige, mar òige na h‑iolaire.

Tha làithean ar bliadhnachan nan trì-fichead bliadhna agus a deich; agus le tuilleadh neirt ma bhios ceithir-fichead ann, is saothair agus doilgheas an spionnadh, oir gearrar as e gu grad agus siùbhlaidh sinn.

Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.

Agus thubhairt e riu, Tha mise ceud agus fichead bliadhna a dh’aois air an là‑an‑diugh; chan urrainn mi tuilleadh dol a‑mach agus teachd a‑steach: agus thubhairt an Tighearna rium, Cha tèid thu thar an Iòrdan seo.

Bidh do bhrògan nan iarann agus nan umha; agus mar do làithean is amhlaidh a bhios do neart.

Agus bha Maois ceud agus fichead bliadhna a dh’aois nuair a fhuair e bàs: cha d’fhàilnich a shùil, cha mhò a thrèig a neart e.

Agus a‑nis, feuch, ghlèidh an Tighearna mi beò, mar a thubhairt e, na còig agus an dà‑fhichead bliadhna seo, eadhon o labhair an Tighearna am facal seo ri Maois, am feadh a dh’imich clann Israeil anns an fhàsach; agus a‑nis, feuch, tha mi an‑diugh ceithir-fichead agus còig bliadhna a dh’aois.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan