Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 13:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin, roinn am fearann seo mar oighreachd do na naoi treubhan, agus do leth-threubh Mhanaseh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thug e dhaibh fearann nan cinneach, agus shealbhaich iad saothair nan sluagh;

Agus a thilg e a‑mach na cinnich romhpa, agus a roinn e oighreachd dhaibh le crannchur, agus a thug e air treubhan Israeil còmhnaidh a ghabhail nam pàilleanan-san.

Mar an ceudna nuair a roinneas sibh le crannchur am fearann mar oighreachd, bheir sibh tabhartas don Tighearna, earrann naomh den fhearann: is e a fhad còig-mìle-fichead làmh-choille, agus a leud deich mìle; bidh seo naomh na uile chrìochan mun cuairt.

Agus roinnidh sibh am fearann le crannchur mar oighreachd am measg ur teaghlaichean: dhaibhsan as lìonmhoire bheir sibh an oighreachd as mò, agus dhaibhsan as teirce bheir sibh an oighreachd as lugha: bidh oighreachd gach duine anns an àit anns an tuit a chrannchur; a rèir treubhan ur n‑athraichean sealbhaichidh sibh.

Agus dh’àithn Maois do chloinn Israeil, ag ràdh, Is e seo am fearann a shealbhaicheas sibh le crannchur, a dh’àithn an Tighearna a thoirt do na naoi treubhan, agus don leth-threubh.

Uile luchd-àiteachaidh nam beann o Lebanon gu Misrephot-maim, agus na Sìdonaich uile, iadsan fògraidh mi a‑mach ro chloinn Israeil; a‑mhàin roinn e le crannchur do na h‑Israelich mar oighreachd, mar a dh’àithn mise dhut.

Maille ris an leth-threubh eile fhuair na Reubenich agus na Gadaich an oighreachd-san a thug Maois dhaibh an taobh thall de Iòrdan a làimh na h‑àird an ear, eadhon mar a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh;

Le crannchur bha an oighreachd, mar a dh’àithn an Tighearna le làimh Mhaois, do na naoi treubhan agus an leth-threubh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan