Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 13:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fearann nan Gibleach, agus Lebanon uile leth ri èirigh na grèine, o Bhàal-gad fo shliabh Hermoin, gu ruig an dol a‑steach do Hamat:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus shnaidh clachairean Sholaimh, agus clachairean Hiraim, agus na gearradairean-chlach iad: mar sin rè trì bliadhna dheasaich iad fiodh agus clachan a thogail an taighe.

Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir-là‑deug.

Gebal agus Amon agus Amalec, na Philistich maille ri luchd-àiteachaidh Thìruis;

Nach eil Calno mar Charchemis? Nach eil Hamat mar Arphad? Nach eil Samaria mar Dhamascas?

Agus ghlac iad an rìgh, agus thug iad suas e gu rìgh Bhàbiloin, aig Riblah, ann am fearann Hamait, far an tug e breitheanas air.

B’iad seanairean Ghebail, agus a dhaoine glice, a bha agad nan luchd-calcaidh: bha loingeis na fairge gu lèir lem maraichean annad, a‑chum do mhalairt a mheudachadh.

Siùbhlaibh thairis gu Calneh, agus faicibh; agus rachaibh as a sin gu Hamat mòr: an sin rachaibh sìos gu Gat nam Philisteach: an fheàrr iadsan na na rìoghachdan seo? No a bheil an crìochan nas mò na ur crìoch-se?

Mar sin chaidh iad suas, agus rannsaich iad am fearann o fhàsach Shin gu Rehob, mar a thèid daoine gu Hamat.

O shliabh Hor comharraichidh sibh ur crìoch gu dol a‑steach Hamait; agus bidh dol a‑mach na crìche gu Sedad.

Tillibh agus gabhaibh ur turas, agus rachaibh a‑chum sliabh nan Amorach, agus a‑chum nan ionadan uile am fagas dha anns a’ chòmhnard, anns a’ mhonadh, agus anns an t‑srath, agus mu dheas, agus ri taobh na fairge, gu fearann nan Canàanach, agus gu Lebanon, a dh’ionnsaigh na h‑aibhne mòire, abhainn Euphràtes.

Guidheam ort, leig dhomh dol thairis, agus am fearann math sin fhaicinn a tha an taobh thall de Iòrdan, an sliabh math sin, agus Lebanon.

O shliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir, eadhon gu Bàal-gad ann an gleann Lebanoin, fo shliabh Hermoin: agus an rìghrean uile ghlac e, agus bhuail e iad, agus mharbh e iad.

Agus a dh’ionnsaigh a’ Chanàanaich air an làimh an ear agus an làimh an iar, agus a dh’ionnsaigh an Amoraich agus an Hitich, agus a’ Pheridsich, agus an Iebusaich anns na beanntan, agus a dh’ionnsaigh an Hibhich fo Hermon, ann an tìr Mhispeh.

Agus is iad seo rìghrean na tìre a bhuail Iosua agus clann Israeil air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar, o Bhaal-gad ann an gleann Lebanoin, eadhon gu sliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir: a thug Iosua do threubhan Israeil mar sheilbh, a rèir an roinnean:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan