Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 13:33

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach do threubh Lèbhi cha tug Maois oighreachd: b’e an Tighearna Dia Israeil e fhèin an oighreachd-san, mar a thubhairt e riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus cha bhi oighreachd air bith aca; is mise an oighreachd: agus cha toir sibh dhaibh sealbh air bith ann an Israel; is mise an sealbh.

Agus labhair an Tighearna ri Aaron, Nam fearann cha bhi oighreachd agad, cha mhò a bhios roinn agad nam measg: is mise do roinn-sa agus d’oighreachd am measg chloinn Israeil.

Uime sin chan eil aig Lèbhi roinn no oighreachd maille ra bhràithrean: is e an Tighearna as oighreachd dha, a rèir mar a gheall an Tighearna do Dhia dha.

A‑mhàin do threubh Lèbhi cha tug e oighreachd sam bith; is iad ìobairtean an Tighearna Dia Israeil, a bheirear suas le teine, an oighreachd-san, mar a thubhairt e riu.

Is iad sin na dùthchannan a roinn Maois mar oighreachd ann an còmhnardan Mhòaib, air an taobh eile de Iòrdan làimh ri Iericho, air an taobh an ear.

Ach chan eil aig na Lèbhithich roinn sam bith nur measg, oir is i sagartachd an Tighearna an oighreachd-san: agus fhuair Gad, agus Reuben, agus leth-threubh Mhanaseh, an oighreachd-san an taobh thall de Iòrdan air an làimh an ear, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan