Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 13:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus leth Ghilead, agus Astarot, agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan, bhuin iad do chloinn Mhachir mhic Mhanaseh, eadhon do leth chloinn Mhachir, a rèir an teaghlaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Do mhic Ghersoim thugadh o theaghlach leth-threubh Mhanaseh, Golan ann am Basan le a fhearann co‑roinn, agus Astarot le a fhearann co‑roinn:

Is leamsa Gilead, agus is leam Manaseh; agus is e Ephraim neart mo chinn, Iùdah fear-tabhairt mo lagha.

Agus làimh ri crìch Naphtali, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Manaseh.

Agus crìoch Og rìgh Bhasain, a bha de iarmad nam famhairean a bha a chòmhnaidh ann an Astarot, agus ann an Edrei,

Uile rìoghachd Og ann am Basan, a rìghich ann an Astarot agus ann an Edrei, a mhair de iarmad nam famhairean: oir iad sin bhuail Maois, agus dh’fhògair e a‑mach iad.

Is iad sin na dùthchannan a roinn Maois mar oighreachd ann an còmhnardan Mhòaib, air an taobh eile de Iòrdan làimh ri Iericho, air an taobh an ear.

Agus thuit air Manaseh deich cuibhreannan, a thuilleadh air fearann Ghilead agus Bhasain, a bha air an taobh eile de Iòrdan,

A chionn gu robh aig nigheanan Mhanaseh oighreachd am measg a chuid mhac; agus bha fearann Ghilead aig a’ chuid eile de mhic Mhanaseh.

Agus gach nì a rinn e ri dà rìgh nan Amorach, a bha an taobh thall de Iòrdan, ri Sihon rìgh Hesboin, agus ri Og rìgh Bhasain, a bha aig Astarot;

Agus rinn clann Israeil a‑rìs olc ann an sùilean an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim, agus do Astarot, agus do dhiathan Shiria, agus do dhiathan Shìdoin, agus do dhiathan Mhòaib, agus do dhiathan chloinn Amoin, agus do dhiathan nam Philisteach; agus thrèig iad an Tighearna, agus cha do rinn iad seirbhis dha.

Dh’fhan Gilead an taobh thall de Iòrdan: agus carson a dh’fhuirich Dan ann an longan? Dh’fhan Aseir air tràigh na fairge, agus na bheàrnan ghabh e còmhnaidh.

Agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, do bhrìgh gun do thrèig sinn an Tighearna, agus gun do rinn sinn seirbhis do Bhàalim agus Astarot; ach a‑nis saor sinn à làimh ar naimhdean, agus nì sinn seirbhis dhut.

Agus labhair Samuel ri uile thaigh Israeil, ag ràdh, Ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna le ur n‑uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as ur measg, Bàalim agus Astarot: agus ullaichibh ur cridhe a‑chum an Tighearna, agus dèanaibh seirbhis dhàsan a‑mhàin, agus saoraidh e sibh à làimh nam Philisteach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan