Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 13:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an crìoch o Mhahanaim, Basan uile, uile rìoghachd Og rìgh Bhasain, agus uile bhailtean Iair, a tha ann am Basan, trì-fichead baile mòr:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Iàcob teachdairean roimhe gu Esau a bhràthair, gu fearann Sheir, dùthaich Edoim.

Agus thill iad agus chaidh iad suas air slighe Bhasain: agus chaidh Og, rìgh Bhasain, a‑mach nan aghaidh, e fhèin agus a shluagh uile, gu cath aig Edrei.

Bailtean a’ chòmhnaird uile, agus Gilead uile, agus Basan uile, gu Salcha agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan:

Agus ghlac sinn a bhailtean uile anns an àm sin; cha robh baile nach tug sinn uapa, trì-fichead baile, dùthaich Argoib uile, rìoghachd Og ann am Basan.

Agus o Hesbon gu Ramat-mhispeh, agus Betonim; agus o Mhahanaim gu crìch Dhebir;

Agus thug Maois oighreachd do leth-threubh Mhanaseh: agus b’i seo sealbh leth-threubh chloinn Mhanaseh, a rèir an teaghlaichean.

A chionn gu robh aig nigheanan Mhanaseh oighreachd am measg a chuid mhac; agus bha fearann Ghilead aig a’ chuid eile de mhic Mhanaseh.

Agus à treubh Ghad, Ramot ann an Gilead le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Mahanaim le a fhearann co‑roinn,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan