Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 13:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O Shihor, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, eadhon gu crìch Ecroin mu thuath, a mheasar don Chanàanach: còig tighearnan nam Philisteach; na Gàsataich, agus na h‑Asdodaich, na h‑Escalonaich, na Gitich, agus na h‑Ecronaich, agus na h‑Abhaich:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus mic Ham: Cus, agus Midsraim, agus Phut, agus Canàan.

Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd-sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Eiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:

Agus chùm Solamh anns an àm sin fèill, agus Israel uile maille ris, coitheanal mòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit, am fianais an Tighearna ar Dia, seachd làithean agus seachd làithean, eadhon ceithir-là‑deug.

Uime sin chruinnich Daibhidh Israel uile an ceann a chèile, o Shihor na h‑Eiphit gu dol a‑steach Hamait, a‑chum àirc Dhè a thoirt o Chiriat-iearim.

Agus sìol Shioir o uisgeachan mòra, fàs na h‑aibhne, b’e sin a teachd-a‑steach: agus bha i na margadh do na cinnich.

Agus a‑nis ciod do ghnothach ri slighe na h‑Eiphit, a dh’òl uisgeachan Shihoir? No ciod do ghnothach ri slighe Asiria, a dh’òl uisgeachan na h‑aibhne?

Agus na h‑Abhaich a bha a chòmhnaidh ann an Haserim, eadhon gu Gadsa, sgrios na Caphtoraich a thàinig a‑mach à Caphtor iad, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite.

Gidheadh, cha d’fhògair clann Israeil a‑mach na Gesuraich, no na Maachataich; ach tha na Gesuraich agus na Maachataich nan còmhnaidh am measg nan Israelach gus an là‑an‑diugh.

Agus chaidh tighearnan nam Philisteach suas da h‑ionnsaigh, agus thubhairt iad rithe, Meall e, agus faic càit a bheil a neart mòr a’ laighe, agus cionnas a bhuadhaicheas sinn air, air chor is gun ceangail sinn e a‑chum a cheannsachadh; agus bheir sinn dhut, gach aon againn, mìle agus ceud bonn airgid.

Eadhon còig tighearnan nam Philisteach, agus na Canàanaich uile, agus na Sìdonaich, agus na Hibhich a bha a chòmhnaidh ann an sliabh Lebanoin, o shliabh Bhàal-hermoin gu dol a‑steach Hamait.

Agus ghabh na Philistich àirc Dhè, agus thug iad leo i o Eben-eser gu Asdod.

Uime sin chuir iad air falbh àirc Dhè gu Ecron; agus nuair a bha àirc Dhè air teachd gu Ecron, dh’èigh na h‑Ecronaich, ag ràdh, Thug iad mun cuairt dar n‑ionnsaigh-ne àirc Dia Israeil gu sinn fhèin a mharbhadh agus ar sluagh.

Uime sin chuir iad fios uapa, agus chruinnich iad uile thighearnan nam Philisteach dan ionnsaigh, agus thubhairt iad, Ciod a nì sinn ri àirc Dia Israeil? Agus fhreagair iadsan, Thugar àirc Dia Israeil mun cuairt gu Gat. Agus thug iad mun cuairt àirc Dia Israeil gu Gat.

An sin thubhairt iad, Ciod an tabhartas-easaontais a dh’ìocas sinn dha? Agus fhreagair iadsan, Còig neasgaidean òir, agus còig luchan òir, a rèir àireamh tighearnan nam Philisteach; oir bha aon phlàigh oirbh uile, agus air ur tighearnan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan