Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 13:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug Maois oighreachd do leth-threubh Mhanaseh: agus b’i seo sealbh leth-threubh chloinn Mhanaseh, a rèir an teaghlaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus chòmhnaich clann leth-threubh Mhanaseh anns an tìr, o Bhasan gu Bàal-hermon agus Senir, agus gu sliabh Hermoin; agus dh’fhàs iad lìonmhor.

Agus làimh ri crìch Naphtali, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Manaseh.

Agus gun ceannsaichear am fearann ann am fianais an Tighearna; na dhèidh sin tillidh sibh, agus bidh sibh neo-choireach an làthair an Tighearna, agus an làthair Israeil, agus bidh am fearann seo na sheilbh agaibh am fianais an Tighearna.

Agus thug Maois Gilead do Mhachir mac Mhanaseh; agus ghabh e còmhnaidh ann.

Agus a’ chuid eile de Ghilead, agus Basan uile, eadhon rìoghachd Og, thug mi do leth-threubh Mhanaseh; dùthaich Argoib uile, maille ri Basan uile, don ainm fearann nam famhairean.

B’i sin oighreachd chloinn Ghad, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.

Agus bha an crìoch o Mhahanaim, Basan uile, uile rìoghachd Og rìgh Bhasain, agus uile bhailtean Iair, a tha ann am Basan, trì-fichead baile mòr:

Agus thuit air Manaseh deich cuibhreannan, a thuilleadh air fearann Ghilead agus Bhasain, a bha air an taobh eile de Iòrdan,

A chionn gu robh aig nigheanan Mhanaseh oighreachd am measg a chuid mhac; agus bha fearann Ghilead aig a’ chuid eile de mhic Mhanaseh.

A‑nis do aon leth-threubh Mhanaseh, thug Maois sealbh ann am Basan; ach don leth-threubh eile dhiubh thug Iosua sealbh am measg am bràithrean air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar. Agus cuideachd, nuair a chuir Iosua air falbh iad dam pàilleanan, an sin bheannaich e iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan