B’i sin oighreachd chloinn Ghad, a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.
Agus ghabh iad còmhnaidh ann an Gilead, ann am Basan, agus na bhailtean, agus ann an uile fhearann cho-roinn Shàroin, air an crìochan.
Agus anns a’ ghleann, Betaram, agus Bet-nimrah, agus Sucot, agus Saphon, a’ chuid eile de rìoghachd Shihoin rìgh Hesboin, Iòrdan agus a crìoch, eadhon gu oir fairge Chineret, air taobh eile Iòrdain a làimh na h‑àird an ear.
Agus thug Maois oighreachd do leth-threubh Mhanaseh: agus b’i seo sealbh leth-threubh chloinn Mhanaseh, a rèir an teaghlaichean.