Agus aig teachd mun cuairt na bliadhna, mun àm anns an tèid rìghrean a‑mach gu cath, chuir Daibhidh uaithe Ioab, agus a sheirbhisich maille ris, agus Israel uile, agus sgrios iad clann Amoin, agus theannaich iad Rabah: ach dh’fhan Daibhidh ann an Ierusalem.
Agus chaidh iad a‑null thar Iòrdan, agus champaich iad ann an Aroer, air taobh mu dheas a’ bhaile, a tha ann am meadhon abhainn Ghad, agus leth ri Iaser:
De na Hebronaich, b’e Ieriah ceann nan Hebronach a rèir ginealaichean a athraichean. Anns an dà‑fhicheadamh bliadhna de rìoghachadh Dhaibhidh dh’iarradh iad, agus fhuaireadh nam measg daoine treuna ann an Iaser Ghilead.
Oir tha machraichean Hesboin air fàilneachadh, agus fìonain Shibmah; bhris maithean nan cinneach sìos a fìon-chroinn ghasda; ràinig iad gu Iaser; sgaoil iad air feadh an fhàsaich; shìn a geugan iad fhèin a‑mach, chaidh iad thar fairge.
Guilidh mi air do shon, O fhìonain Shibmah; sgaoil do mheanglain thar an fhairge, ràinig iad gu ruig fairge Iaseir; air do mheas-samhraidh, agus air d’fhìon-fhogharadh bhuail am fear-millidh.
Agus nuair a thig thu am fagas thall fa chomhair chloinn Amoin, na buin gu naimhdeil riu, cha mhò a bheanas tu riu: oir cha toir mi dhut sealbh sam bith de fhearann chloinn Amoin, a chionn gun tug mi e do chloinn Lot mar sheilbh.
Oir bha Og rìgh Bhasain a‑mhàin a làthair de fhuidheall nam famhairean; feuch, a leabaidh, bu leabaidh iarainn i: nach eil i ann an Rabat chloinn Amoin? B’iad naoi làmhan-coille a fad, agus ceithir làmhan-coille a leud, a rèir làmh-choille duine.
Dh’fhan Gilead an taobh thall de Iòrdan: agus carson a dh’fhuirich Dan ann an longan? Dh’fhan Aseir air tràigh na fairge, agus na bheàrnan ghabh e còmhnaidh.