Agus thug Maois oighreachd do threubh Ghad, eadhon do chloinn Ghad a rèir an teaghlaichean.
Agus mic Shilpah, banoglach Lèah: Gad agus Aser. Is iad sin mic Iàcoib, a rugadh dha ann am Padan-àram.
Agus ghabh iad còmhnaidh ann an Gilead, ann am Basan, agus na bhailtean, agus ann an uile fhearann cho-roinn Shàroin, air an crìochan.
Agus làimh ri crìch Shebuluin, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Gad.
Agus b’i crìoch chloinn Reubein, Iòrdan agus a crìoch-se. B’i sin oighreachd chloinn Reubein a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.
Agus b’i an crìoch Iaser, agus uile bhailtean Ghilead, agus leth fearann chloinn Amoin, gu Aroer a tha fa chomhair Rabah: