Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 13:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Balàam mar an ceudna, mac Bheoir, am fiosaiche, mharbh clann Israeil leis a’ chlaidheamh nam measg-san a mharbhadh leo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Gu cinnteach chan eil draoidheachd an aghaidh Iàcoib, cha mhò a tha fhiosachd an aghaidh Israeil: a rèir na h‑aimsir seo theirear mu Iàcob, agus mu Israel, Ciod a dh’obraich Dia!

Agus nuair a chunnaic Balàam gum bu toigh leis an Tighearna Israel a bheannachadh, cha deachaidh e, mar air uairean eile, a dh’iarraidh mhanaidhean, ach chuir e a aghaidh ris an fhàsach.

Agus a‑nis, feuch, tha mi a’ dol a dh’ionnsaigh mo dhaoine fhèin: thig uime sin, bheir mi rabhadh dhut, ciod a nì an sluagh seo air do shluagh-sa anns na làithean deireannach.

Agus mharbh iad rìghrean Mhidiain, a thuilleadh air a’ chuid eile dhiubh a mharbhadh; eadhon Ebhi, agus Recem, agus Sur, agus Hur, agus Reba, còig rìghrean Mhidiain: Balàam mac Bheoir mar an ceudna mharbh iad leis a’ chlaidheamh.

Agus b’i crìoch chloinn Reubein, Iòrdan agus a crìoch-se. B’i sin oighreachd chloinn Reubein a rèir an teaghlaichean, na bailtean mòra agus am bailtean beaga.

A thrèig an t‑slighe dhìreach, agus a chaidh air seachran, a’ leantainn slighe Bhalàaim mhic Bhosoir, a ghràdhaich duais na h‑eucoir;

Is an‑aoibhinn dhaibh! Oir dh’imich iad ann an slighe Chàin, agus ruith iad gu togarrach ann an seachran Bhalàaim air ghaol tuarasdail, agus sgriosadh iad ann an ana-cainnt cheannaircich Chore.

Agus ghlacadh am fiadh-bheathach, agus maille ris-san am fàidh-brèige a rinn mìorbhailean na làthair, leis an do mheall e an dream a ghabh orra comharradh an fhiadh-bheathaich, agus iadsan a rinn adhradh da ìomhaigh. Thilgeadh iad sin nan dithis beò ann an loch teine a’ dearg-lasadh le pronnasg.

Gidheadh, tha beagan agam ad aghaidh, do bhrìgh gu bheil agad an sin an dream a tha a’ cumail teagasg Bhalàaim, a theagaisg do Bhalac ceap-tuislidh a chur ro chloinn Israeil, a‑chum nithean a dh’ìobradh do iodhalan ithe, agus strìopachas a dhèanamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan