Air an adhbhar sin, feuch, fosglaidh mise taobh Mhòaib, a leigeadh ris nam bailtean a tha air a iomall, maise na dùthcha, Bet-iesimot-Bàalmeon, agus Ciriataim,
An còmhnard mar an ceudna, agus Iòrdan, agus a chrìochan, o Chineret, eadhon gu muir a’ chòmhnaird, a’ mhuir shalainn fo Asdot-pisgah a làimh na h‑àird an ear.
Air an taobh seo de Iòrdan anns a’ ghleann thall fa chomhair Bhet-peoir, ann am fearann Shihoin rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, a bhuail Maois agus clann Israeil, an dèidh dhaibh teachd a‑mach as an Eiphit:
Agus an còmhnard gu muir Chineroit a làimh na h‑àird an ear, agus gu muir a’ chòmhnaird, eadhon a’ mhuir shalainn a làimh na h‑àird an ear, an t‑slighe gu Bet-iesimot; agus on àird a deas, fo Asdot-pisgah:
Agus uile bhailtean a’ chòmhnaird, agus uile rìoghachd Shihoin, rìgh nan Amorach, a rìghich ann an Hesbon, a bhuail Maois maille ri ceannardan Mhidiain, Ebhi, agus Recem, agus Sur, agus Hur, agus Rebah, cinn-fheadhna Shihoin, a bha a chòmhnaidh anns an tìr.