Agus bha gorta anns an tìr a bharrachd air a’ chiad ghorta a bha ann an làithean Abrahàim: agus chaidh Isaac gu Abimelech rìgh nam Philisteach, do Ghèrar.
Oir bhòidich do sheirbhiseach bòid nuair a bha mi am chòmhnaidh ann an Gesur ann an Siria, ag ràdh, Ma bheir an Tighearna mi gu dearbh a‑rìs gu Ierusalem, an sin nì mi seirbhis don Tighearna.
Seadh, agus ciod ur gnothach-se riumsa, O Thìruis, agus a Shìdoin, agus uile chrìochan Phalistin? An dìol sibh rium luigheachd? A‑nis ma bheir sibh dhomh luigheachd, gu luath, gu grad dìolaidh mi ur luigheachd air ur ceann fhèin;
Mo thruaighe luchd-àiteachaidh sliosan na fairge, cinneach nan Cereteach: tha facal an Tighearna nur n‑aghaidh. O Chanàain, a thìr nam Philisteach, sgriosaidh mise thu, ionnas nach bi aon gad àiteachadh.
Ghabh Iair, mac Mhanaseh, dùthaich Argoib uile gu crìochan Ghesuri, agus Mhaachati: agus thug e Basan-habhot-iair mar ainm oirre a rèir a ainme fhèin, gus an là‑an‑diugh.
Agus a rìghich ann an sliabh Hermoin, agus ann an Salcah, agus ann am Basan uile, gu crìch nan Gesurach agus nam Maachatach, agus leth Ghilead, crìoch Shihoin, rìgh Hesboin:
Gidheadh, cha d’fhògair clann Israeil a‑mach na Gesuraich, no na Maachataich; ach tha na Gesuraich agus na Maachataich nan còmhnaidh am measg nan Israelach gus an là‑an‑diugh.
Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas, agus bhris iad a‑steach air na Gesuraich, agus na Geserich, agus na h‑Amalecich: oir b’iadsan o shean luchd-àiteachaidh na tìre, mar a thèid thu gu Sur, eadhon gu tìr na h‑Eiphit.