Agus bidh Hesbon ag èigheach, agus Elealeh; cluinnear an guth gu ruig Iahas; uime sin glaodhaidh daoine armaichte Mhòaib gu h‑àrd; bidh a beatha searbh dhi.
O ghaoir Hesboin gu Elealeh, gu Iahas chuir iad a‑mach an guth, o Shòar gu ruig Horonaim, mar thrì-bliadhnach aighe; oir bidh eadhon uisgeachan Nimrim nan lèirsgrios.
Agus cha leigeadh Sihon le Israel dol tro a chrìch: agus chruinnich Sihon a shluagh uile ri chèile, agus chaidh e a‑mach an aghaidh Israeil don fhàsach: agus thàinig e gu Iahas, agus chog e an aghaidh Israeil.
Ach cha d’earb Sihon ri Israel gabhail tro a chrìch: ach chruinnich Sihon a shluagh uile cuideachd, agus champaich iad ann an Iahas; agus chog e ri Israel.