Agus a‑thaobh nam bailtean beaga nam fearann, chòmhnaich cuid de mhic Iùdah ann an Ciriat-arba agus na bhailtean beaga, agus ann an Dibon agus na bhailtean beaga, agus ann an Iecabseel agus na bhailtean beaga,
Thig a‑nuas od àilleachd, agus suidh ann an ìota, O nighean a tha ag àiteachadh Dhiboin; a chionn gu bheil creachadair Mhòaib air teachd a‑nìos ann ad aghaidh, fear-millidh do dhaingnichean.
Thig creachadair fòs air gach uile chathair; agus cha tèid cathair air bith as: agus millear an gleann, agus thèid an còmhnard a sgrios amhail a labhair an Tighearna.
Air an adhbhar sin, feuch, fosglaidh mise taobh Mhòaib, a leigeadh ris nam bailtean a tha air a iomall, maise na dùthcha, Bet-iesimot-Bàalmeon, agus Ciriataim,
Oir b’e Hesbon baile mòr Shihoin, rìgh nan Amorach, a chog an aghaidh rìgh Mhòaib a bha ann roimhe sin, agus a bhuin a fhearann uile as a làimh, eadhon gu Arnon.
Agus air an là màireach, ghabh Balac Balàam, agus thug e suas e gu àitean àrda Bhàail, a‑chum is gum faiceadh e o sin a’ chuid a b’iomallaiche den t‑sluagh.
Oir bha Maois air tabhairt oighreachd do dhà threubh, agus do leth-threubh, air an taobh eile de Iòrdan: ach do na Lèbhithich cha tug e oighreachd sam bith nam measg.
Ach chan eil aig na Lèbhithich roinn sam bith nur measg, oir is i sagartachd an Tighearna an oighreachd-san: agus fhuair Gad, agus Reuben, agus leth-threubh Mhanaseh, an oighreachd-san an taobh thall de Iòrdan air an làimh an ear, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh.
Nuair a ghabh Israel còmhnaidh ann an Hesbon agus na bhailtean, agus ann an Aroer agus na bhailtean, agus anns na bailtean uile a tha làimh ri Arnon, rè trì cheud bliadhna? Agus carson nach do bhuin sibh air an ais iad anns an àm sin?