Agus chaidh iad a‑null thar Iòrdan, agus champaich iad ann an Aroer, air taobh mu dheas a’ bhaile, a tha ann am meadhon abhainn Ghad, agus leth ri Iaser:
Agus thuarasdalaich iad dà‑mhìle-dheug ar fhichead fear, agus carbadan, agus rìgh Mhaachah agus a shluagh; agus thàinig iadsan agus champaich iad fa chomhair Mhedeba. Agus chruinnich clann Amoin iad fhèin an ceann a chèile as am bailtean, agus thàinig iad a‑chum catha.
Agus bidh Hesbon ag èigheach, agus Elealeh; cluinnear an guth gu ruig Iahas; uime sin glaodhaidh daoine armaichte Mhòaib gu h‑àrd; bidh a beatha searbh dhi.
Oir b’e Hesbon baile mòr Shihoin, rìgh nan Amorach, a chog an aghaidh rìgh Mhòaib a bha ann roimhe sin, agus a bhuin a fhearann uile as a làimh, eadhon gu Arnon.
Agus am fearann seo, a shealbhaich sinn anns an àm sin, o Aroer, a tha làimh ri sruth Arnoin, agus leth sliabh Ghilead, agus a bhailtean, thug mi do na Reubenich, agus do na Gadaich.
Sihon rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, agus a riaghlaich o Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus o mheadhon an t‑srutha, agus leth Ghilead eadhon gus an sruth Iaboc, crìoch chloinn Amoin:
Oir bha Maois air tabhairt oighreachd do dhà threubh, agus do leth-threubh, air an taobh eile de Iòrdan: ach do na Lèbhithich cha tug e oighreachd sam bith nam measg.
Ach chan eil aig na Lèbhithich roinn sam bith nur measg, oir is i sagartachd an Tighearna an oighreachd-san: agus fhuair Gad, agus Reuben, agus leth-threubh Mhanaseh, an oighreachd-san an taobh thall de Iòrdan air an làimh an ear, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh.
Nuair a ghabh Israel còmhnaidh ann an Hesbon agus na bhailtean, agus ann an Aroer agus na bhailtean, agus anns na bailtean uile a tha làimh ri Arnon, rè trì cheud bliadhna? Agus carson nach do bhuin sibh air an ais iad anns an àm sin?