Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 13:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug Maois do threubh chloinn Reubein oighreachd a rèir an teaghlaichean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Mic Lèah: Reuben ciad-ghin Iàcoib, agus Simeon, agus Lèbhi, agus Iùdah, agus Isachar, agus Sebulun;

Is iad seo ceannardan taighean an athraichean: mic Reubein ciad-ghin Israeil: Hanoch, agus Pallu, Hesron, agus Carmi: is iad sin teaghlaichean Reubein.

Agus làimh ri crìch Ephraim, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Reuben.

A‑mhàin do threubh Lèbhi cha tug e oighreachd sam bith; is iad ìobairtean an Tighearna Dia Israeil, a bheirear suas le teine, an oighreachd-san, mar a thubhairt e riu.

Agus bha an crìoch o Aroer a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus an còmhnard uile gu Medebah;

Agus a‑nis thug an Tighearna ur Dia fois dur bràithrean, mar a gheall e dhaibh; a‑nis uime sin tillibh, agus rachaibh dur pàilleanan, agus gu fearann ur seilbh, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh thall de Iòrdan.

Ach cha d’earb Sihon ri Israel gabhail tro a chrìch: ach chruinnich Sihon a shluagh uile cuideachd, agus champaich iad ann an Iahas; agus chog e ri Israel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan