Gidheadh, cha d’fhògair clann Israeil a‑mach na Gesuraich, no na Maachataich; ach tha na Gesuraich agus na Maachataich nan còmhnaidh am measg nan Israelach gus an là‑an‑diugh.
Agus nuair a bha Israel a chòmhnaidh anns an tìr sin, chaidh Reuben agus laigh e le Bilhah, coileabach a athar: agus chuala Israel sin. A‑nis bha dà‑mhac-dheug aig Iàcob:
Agus nuair a chunnaic clann Amoin gu robh iad gràineil am fianais Dhaibhidh, chuir clann Amoin teachdairean uapa, agus thuarasdalaich iad Sirianaich Bhet-rehoib, agus Sirianaich Shoba, fichead mìle coisiche, agus o rìgh Mhaacah mìle fear, agus o Istob dà‑mhìle-dheug fear.
Ach mura fògair sibh a‑mach luchd-àiteachaidh an fhearainn as ur fianais, an sin bidh iadsan dhiubh don leig sibh fuireach nan sgolban nur sùilean, agus nam bioran nur taobhan, agus cuiridh iad campar oirbh anns an fhearann anns am bi sibh a chòmhnaidh.
Ghabh Iair, mac Mhanaseh, dùthaich Argoib uile gu crìochan Ghesuri, agus Mhaachati: agus thug e Basan-habhot-iair mar ainm oirre a rèir a ainme fhèin, gus an là‑an‑diugh.
Agus a rìghich ann an sliabh Hermoin, agus ann an Salcah, agus ann am Basan uile, gu crìch nan Gesurach agus nam Maachatach, agus leth Ghilead, crìoch Shihoin, rìgh Hesboin:
Uile rìoghachd Og ann am Basan, a rìghich ann an Astarot agus ann an Edrei, a mhair de iarmad nam famhairean: oir iad sin bhuail Maois, agus dh’fhògair e a‑mach iad.
A‑mhàin do threubh Lèbhi cha tug e oighreachd sam bith; is iad ìobairtean an Tighearna Dia Israeil, a bheirear suas le teine, an oighreachd-san, mar a thubhairt e riu.
Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas, agus bhris iad a‑steach air na Gesuraich, agus na Geserich, agus na h‑Amalecich: oir b’iadsan o shean luchd-àiteachaidh na tìre, mar a thèid thu gu Sur, eadhon gu tìr na h‑Eiphit.