Uile rìoghachd Og ann am Basan, a rìghich ann an Astarot agus ann an Edrei, a mhair de iarmad nam famhairean: oir iad sin bhuail Maois, agus dh’fhògair e a‑mach iad.
Gidheadh, cha d’fhògair clann Israeil a‑mach na Gesuraich, no na Maachataich; ach tha na Gesuraich agus na Maachataich nan còmhnaidh am measg nan Israelach gus an là‑an‑diugh.
Agus leth Ghilead, agus Astarot, agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan, bhuin iad do chloinn Mhachir mhic Mhanaseh, eadhon do leth chloinn Mhachir, a rèir an teaghlaichean.