Agus shuidh iad sìos a dh’ithe arain; agus thog iad suas an sùilean agus dh’amhairc iad, agus, feuch, bha cuideachd de chloinn Ismaeil a’ teachd o Ghilead, len càmhail a’ giùlan spìosraidh, agus ìocshlaint, agus mirr, a’ dol gus an toirt sìos don Eiphit.
Agus thug e Gesur agus Aram le bailtean Iair uapa, maille ri Cenat agus a bhailtean, eadhon trì-fichead baile mòr: bhuin iad sin uile do mhic Mhachir, athair Ghilead.
Agus thubhairt Maois riu, Ma thèid clann Ghad agus clann Reubein a‑null maille ribh thar Iòrdan, gach fear dhiubh armaichte gu cath an làthair an Tighearna, agus gun ceannsaichear an tìr romhaibh, an sin bheir sibh dhaibh fearann Ghilead mar sheilbh:
Agus a dh’ionnsaigh a’ Chanàanaich air an làimh an ear agus an làimh an iar, agus a dh’ionnsaigh an Amoraich agus an Hitich, agus a’ Pheridsich, agus an Iebusaich anns na beanntan, agus a dh’ionnsaigh an Hibhich fo Hermon, ann an tìr Mhispeh.
Agus chaidh cuid de na h‑Eabhraidhich thar Iòrdan gu tìr Ghad, agus Ghilead: ach bha Saul fhathast ann an Gilgal, agus bha an sluagh na dhèidh uile air chrith.