Agus uile bhailtean Shihoin, rìgh nan Amorach, a rìghich ann an Hesbon, gu crìch chloinn Amoin;
An dèidh dha Sihon rìgh nan Amorach a mharbhadh, a bha a chòmhnaidh ann an Hesbon, agus Og rìgh Bhasain, a bha a chòmhnaidh aig Astarot ann an Edrei,
Agus nuair a thig thu am fagas thall fa chomhair chloinn Amoin, na buin gu naimhdeil riu, cha mhò a bheanas tu riu: oir cha toir mi dhut sealbh sam bith de fhearann chloinn Amoin, a chionn gun tug mi e do chloinn Lot mar sheilbh.
Agus Gilead, agus crìoch nan Gesurach, agus nam Maachatach, agus sliabh Hermoin uile, agus Basan uile gu Salcah;
O Aroer, a tha air bruaich sruth Arnoin, agus am baile a tha ann am meadhon an t‑srutha, agus còmhnard Mhedebah uile gu Dibon;