Iosua 12:8Am Bìoball Gàidhlig 1992Anns na beanntan, agus anns na gleanntan, agus anns na còmhnardan, agus anns na tobraichean, agus anns an fhàsach, agus anns an tìr mu dheas: na Hitich, na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, na Peridsich, na Hibhich, agus na h‑Iebusaich: Faic an caibideil |
Agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh à làimh nan Eiphiteach, agus gan toirt suas a‑mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsaing, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; gu àite nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach.
Nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu a‑steach don fhearann a‑chum a bheil thu a’ dol ga shealbhachadh, agus a thilgeas e a‑mach romhad mòran chinneach, na Hitich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Peridsich, agus na Hibhich, agus na h‑Iebusaich, seachd cinnich as mò agus as cumhachdaiche na thusa;