Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 12:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Iadsan bhuail Maois, òglach an Tighearna, agus clann Israeil; agus thug Maois, òglach an Tighearna, e mar sheilbh do na Reubenich, agus do na Gadaich, agus do leth-threubh Mhanaseh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Geber mac Uri ann an tìr Ghilead, ann an tìr Shihoin rìgh nan Amorach, agus Og rìgh Bhasain; agus b’esan an t‑aon fhear-dreuchd a bha anns an tìr.

Agus thubhairt Maois riu, Ma thèid clann Ghad agus clann Reubein a‑null maille ribh thar Iòrdan, gach fear dhiubh armaichte gu cath an làthair an Tighearna, agus gun ceannsaichear an tìr romhaibh, an sin bheir sibh dhaibh fearann Ghilead mar sheilbh:

Thèid sinn a‑null armaichte ron Tighearna do thìr Chanàain, a‑chum is gum bi sealbh ar n‑oighreachd againn air an taobh seo de Iòrdan.

Agus thug Maois dhaibh, eadhon do chloinn Ghad, agus do chloinn Reubein, agus do leth-threubh Mhanaseh mhic Iòseiph, rìoghachd Shihoin rìgh nan Amorach, agus rìoghachd Og rìgh Bhasain, an tìr maille ra bailtean anns na crìochan, eadhon bailtean na dùthcha mun cuairt.

Oir bha Maois air tabhairt oighreachd do dhà threubh, agus do leth-threubh, air an taobh eile de Iòrdan: ach do na Lèbhithich cha tug e oighreachd sam bith nam measg.

Ach chan eil aig na Lèbhithich roinn sam bith nur measg, oir is i sagartachd an Tighearna an oighreachd-san: agus fhuair Gad, agus Reuben, agus leth-threubh Mhanaseh, an oighreachd-san an taobh thall de Iòrdan air an làimh an ear, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhaibh.

Agus a‑nis thug an Tighearna ur Dia fois dur bràithrean, mar a gheall e dhaibh; a‑nis uime sin tillibh, agus rachaibh dur pàilleanan, agus gu fearann ur seilbh, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh thall de Iòrdan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan