Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 12:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a rìghich ann an sliabh Hermoin, agus ann an Salcah, agus ann am Basan uile, gu crìch nan Gesurach agus nam Maachatach, agus leth Ghilead, crìoch Shihoin, rìgh Hesboin:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Ach theich Absalom, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Thalmai, mac Amihuid, rìgh Ghesuir: agus chuala Daibhidh sin, agus rinn e caoidh airson a mhic gach aon là.

Oir bhòidich do sheirbhiseach bòid nuair a bha mi am chòmhnaidh ann an Gesur ann an Siria, ag ràdh, Ma bheir an Tighearna mi gu dearbh a‑rìs gu Ierusalem, an sin nì mi seirbhis don Tighearna.

Eliphelet mac Ahasbai mhic a’ Mhaachataich, Eliam mac Ahitopheil an Gilonach,

Agus a dhara mac Chiliab, ri Abigail bean Nàbail, an Carmeleach: agus an treas mac Absalom, mac Mhaacah, nighean Thalmai, rìgh Ghesuir:

Agus nuair a chuala uile cheannardan nan armailt, iad fhèin agus an daoine, gun do rinn rìgh Bhàbiloin Gedaliah na uachdaran, thàinig gu Gedaliah do Mhispah eadhon Ismael mac Netaniah, agus Iohanan mac Charea, agus Seraiah mac Thanhumeit an Hetophatach, agus Iaasaniah mac Maachataich, iad fhèin agus an daoine.

Agus chòmhnaich clann Ghad thall fan comhair, ann an tìr Bhasain gu ruig Salcah:

An sin thàinig iad gu Gedaliah gu Mispah, eadhon Ismael mac Netaniah, agus Iohanan, agus Ionatan, mic Chareah, agus Seraiah mac Thanhumeit, agus mic Ephai an Netophataich, agus Iesaniah mac Maachataich, iad fhèin agus an daoine.

Ghabh Iair, mac Mhanaseh, dùthaich Argoib uile gu crìochan Ghesuri, agus Mhaachati: agus thug e Basan-habhot-iair mar ainm oirre a rèir a ainme fhèin, gus an là‑an‑diugh.

Agus a dh’ionnsaigh a’ Chanàanaich air an làimh an ear agus an làimh an iar, agus a dh’ionnsaigh an Amoraich agus an Hitich, agus a’ Pheridsich, agus an Iebusaich anns na beanntan, agus a dh’ionnsaigh an Hibhich fo Hermon, ann an tìr Mhispeh.

A‑nis is iad seo rìghrean an fhearainn a bhuail clann Israeil; agus shealbhaich iad am fearann air taobh eile Iòrdain leth ri èirigh na grèine, o shruth Arnoin gu sliabh Hermoin, agus an còmhnard uile air an làimh an ear:

Agus Gilead, agus crìoch nan Gesurach, agus nam Maachatach, agus sliabh Hermoin uile, agus Basan uile gu Salcah;

Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine suas, agus bhris iad a‑steach air na Gesuraich, agus na Geserich, agus na h‑Amalecich: oir b’iadsan o shean luchd-àiteachaidh na tìre, mar a thèid thu gu Sur, eadhon gu tìr na h‑Eiphit.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan