Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 12:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Rìgh Thirsah, aon; na rìghrean uile, deich-ar‑fhichead agus aon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich bean Ierobòaim, agus dh’imich i, agus thàinig i gu Tirsah: agus nuair a chaidh i a‑steach air stairsnich an taighe, fhuair an leanabh bàs.

Anns an aon-bhliadhna-deug ar fhichead de Asa rìgh Iùdah, thòisich Omri air rìoghachadh os cionn Israeil; agus rìghich e dà‑bhliadhna-dheug: ann an Tirsah rìghich e sia bliadhna.

Oir chaidh Menahem mac Ghadi suas o Thirsah, agus thàinig e gu Samaria, agus bhuail e Salum mac Iabeis ann an Samaria, agus mharbh e e, agus rìghich e na àite.

Ochd bliadhna a dh’aois bha Iosiah, nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ann an Ierusalem aon-bhliadhna-deug ar fhichead.

Agus chaidh an clann a‑steach, agus shealbhaich iad an tìr, agus chìosnaich thu romhpa luchd-àiteachaidh na tìre, na Canàanaich, agus thug thu thairis nan làimh iad fhèin agus an rìghrean, agus sluagh na tìre, a dhèanamh riu mar a bu mhiann leo.

Sihon rìgh nan Amorach, agus Og rìgh Bhasain, agus uile rìoghachdan Chanàain,

Agus bheir e an rìghrean thairis dod làimh, agus sgriosaidh tu an ainm o bhith fo nèamh: cha seas duine sam bith ad aghaidh, gus an cuir thu as dhaibh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan