Baanah mac Ahiluid; aigesan bha Taanach, agus Megido, agus Bet-sean uile, a tha làimh ri Sartanah sìos o Iesreel, o Bhet-sean gu Abel-meholah, gu ruig an taobh thall de Iocneam:
Brisidh e a‑mach gu h‑ùrar, seadh nì e gàirdeachas gu subhach agus gu ceòlmhor; bheirear glòir Lebanoin dha, maise Charmeil agus Shàroin; chì iad sin glòir an Tighearna, agus maise ar Dè‑ne.
Mar as beò mise, deir an Rìgh, don ainm Iehòbhah, Dia nan sluagh, gu deimhinn mar Thabor am measg nam beann, agus mar Charmel ri taobh na fairge, thig e.
Agus chaidh an crìoch suas a dh’ionnsaigh na fairge, agus Maralah, agus ràinig i gu Dabaset, agus ràinig i gu ruig an sruth a tha fa chomhair Iocneaim;
Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat-arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.
Agus à treubh Naphtali, Cedes ann an Galilee le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Hamot-dor le a fhearann co‑roinn, agus Cartan le a fhearann co‑roinn: trì bailtean.
Agus do theaghlaichean chloinn Mherari, a’ chuid eile de na Lèbhithich, à treubh Shebuluin, Iocneam le a fhearann co‑roinn, agus Cartah le a fhearann co‑roinn,
Agus bha duine ann am Maon aig an robh a shealbh ann an Carmel; agus bha an duine ro‑mhòr, agus bha trì mìle caora aige, agus mìle gobhar: agus bha e a’ lomairt a chaorach ann an Carmel.