Agus thubhairt e, Fosgail an uinneag a làimh na h‑àird an ear: agus dh’fhosgail e i. An sin thubhairt Elisa, Tilg: agus thilg esan. Agus thubhairt e, Saighead-shaoraidh an Tighearna, agus saighead-shaoraidh o Shiria: oir buailidh tu na Sirianaich ann an Aphec, gus an cuir thu as dhaibh.
Tha an talamh ri bròn, agus a’ fannachadh; tha Lebanon fo nàire, agus air a ghearradh sìos; tha Sàron air fàs mar fhàsach; agus Basan agus Carmel air crathadh dhiubh an toraidh.
Agus thàinig facal Shamueil a dh’ionnsaigh Israeil uile. A‑nis chaidh Israel a‑mach an aghaidh nam Philisteach gu cath, agus champaich iad làimh ri Eben-eser: agus champaich na Philistich ann an Aphec.