An sin thàinig na h‑Amalecich a‑nuas, agus na Canàanaich, a bha nan còmhnaidh anns an t‑sliabh sin, agus bhuail iad iad, agus chuir iad an ruaig orra, eadhon gu Hormah.
Agus nuair a chuala rìgh Arad, an Canàanach, a bha a chòmhnaidh anns an àird a deas, gun tàinig Israel air slighe an luchd-brathaidh, an sin chog e an aghaidh Israeil, agus rinn e cuid dhiubh nan ciomaich.
Agus dh’èisd an Tighearna ri guth Israeil, agus thug e na Canàanaich suas dhaibh: agus sgrios iad gu tur iad fhèin agus am bailtean: agus thug iad Horma mar ainm air an àite.