Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 11:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sìdon mòr, agus gu Misrephot-maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàg iad aon dhiubh beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus ghin Canàan Sìdon a chiad-ghin, agus Het,

Gabhaidh Sebulun còmhnaidh aig caladh a’ chuain, agus bidh e airson caladh long; agus bidh a oirthir gu ruig Sìdon.

An sin thàinig iad gu Gilead, agus gu fearann ìochdarach Hodsi; agus thàinig iad gu Dan-iaan, agus mun cuairt gu Sìdon.

Biodh nàire ort, O Shìdoin, oir labhair an fhairge, eadhon neart na fairge, ag ràdh, Cha robh mi ri saothair, agus cha do rug mi clann; cha d’àraich mi òganaich, cha mhò a thog mi suas òighean.

Agus fòs air Hamat a tha làimh ris; air Tìrus agus air Sìdon, ged tha i ro‑ghlic.

Agus nuair a bheir an Tighearna do Dhia iad thairis ad làthair, buailidh tu iad, agus cuiridh tu gu tur as dhaibh; cha dèan thu coicheangal sam bith riu, cha mhò a nochdas tu tròcair dhaibh:

Uime sin tuig thusa an‑diugh, gur e an Tighearna do Dhia an tì a thèid thairis romhad na theine caithteach: cuiridh esan as dhaibh, agus cuiridh e sìos iad ad fhianais: mar sin fògraidh tu a‑mach iad, agus sgriosaidh tu iad gu grad, mar a thubhairt an Tighearna riut.

Agus nuair a chuir Iosua agus clann Israeil crìoch air am marbhadh le àr ro‑mhòr, gus an do chuireadh as dhaibh, chaidh a’ chuid a mhair dhiubh a‑steach do na bailtean daingnichte.

Agus a dh’ionnsaigh a’ Chanàanaich air an làimh an ear agus an làimh an iar, agus a dh’ionnsaigh an Amoraich agus an Hitich, agus a’ Pheridsich, agus an Iebusaich anns na beanntan, agus a dh’ionnsaigh an Hibhich fo Hermon, ann an tìr Mhispeh.

Agus thàinig Iosua, agus an sluagh cogaidh uile maille ris, orra aig uisgeachan Mheroim gu h‑obann, agus bhuail iad orra.

Uile luchd-àiteachaidh nam beann o Lebanon gu Misrephot-maim, agus na Sìdonaich uile, iadsan fògraidh mi a‑mach ro chloinn Israeil; a‑mhàin roinn e le crannchur do na h‑Israelich mar oighreachd, mar a dh’àithn mise dhut.

Agus Hebron, agus Rehob, agus Hamon, agus Canah, eadhon gu Sìdon mòr:

Agus thug an Tighearna dhaibh fois mun cuairt, a rèir nan uile nithean a mhionnaich e dan athraichean; agus cha do sheas duine den naimhdean uile romhpa; thug an Tighearna thairis an naimhdean uile dan làimh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan