Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 11:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na biodh eagal ort romhpa; oir a‑màireach, mun àm seo, bheir mise suas iad uile marbh am fianais Israeil: gearraidh tu iosgaidean an each, agus loisgidh tu an carbadan le teine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus thug Daibhidh uaithe mìle carbad, agus seachd ceud marcaiche, agus fichead mìle coisiche: agus gheàrr Daibhidh speirean eich nan carbad uile, ach dh’fhàg e dhiubh dìol ceud carbad.

Agus fhreagair esan, Na biodh eagal ort; oir is lìonmhoire iad a tha leinne na iadsan a tha leòsan.

A‑màireach rachaibh sìos nan aghaidh: feuch, tha iad a’ teachd a‑nìos rathad uchdach Shids; agus gheibh sibh iad aig ceann an t‑srutha, fa chomhair fàsach Ierueil.

Bithibh sàmhach, agus tuigibh gur mise Dia; àrdaichear mi am measg nan cinneach, àrdaichear mi air thalamh.

Tha Dia nan slògh leinn; is e Dia Iàcoib as dìdean dhuinn. Selah.

Caisgidh e an cogadh gu iomall na talmhainn; brisidh e am bogha, agus gearraidh e an t‑sleagh; na carbadan-cogaidh loisgidh e le teine.

Gluaisidh am fìrean na ionracas: sona bidh a mhic na dhèidh.

Ach thubhairt sibh, Chan eadh, ach air eich teichidh sinn; air an adhbhar sin teichidh sibh; agus air ainmhidhean luatha marcaichidh sinn; uime sin bidh iadsan luath a leanas air ur tòir.

Is truagh dhaibhsan a tha a’ dol sìos don Eiphit airson còmhnaidh; a tha ag earbsa à eich, agus a’ cur an dòchais ann an carbadan, a chionn gu bheil iad lìonmhor; agus ann am marcaichean, a chionn gu bheil iad ro‑làidir; ach cha seall iad air Tì naomh Israel, agus chan iarr iad an Tighearna.

Agus thèid iadsan a tha a chòmhnaidh ann am bailtean Israeil a‑mach, agus cuiridh iad ri theine, agus loisgidh iad na h‑airm, an targaid, agus fòs an sgiath, am bogha, agus na saighdean, agus an gath, agus an t‑sleagh, agus loisgidh iad le teine iad seachd bliadhna:

Cha dèan Asur ar tèarnadh; air eich cha dèan sinn marcachd: cha mhò a their sinn tuilleadh ri obair ar làmhan fhèin, Is sibhse ar diathan: oir annadsa gheibh an dìlleachdan tròcair.

Feuch, tha mise ann ad aghaidh, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus loisgidh mi do charbadan anns an teine; agus ithidh an claidheamh do leòmhainn òga; agus gearraidh mise do chreach on talamh, agus cha chluinnear nas mò guth do theachdairean.

Agus sgriosaidh tu an sluagh sin uile a bheir an Tighearna do Dhia thairis dhut; cha ghabh do shùil truas riu: cha mhò a nì thu seirbhis dan diathan, oir bidh sin na ribe dhut.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal romhpa; oir thug mise thairis dod làimh iad: cha seas duine dhiubh romhad.

Agus nuair a bha na rìghrean sin uile air coinneachadh a chèile, thàinig iad agus champaich iad cuideachd aig uisgeachan Mheroim, a chogadh an aghaidh Israeil.

Agus thàinig Iosua, agus an sluagh cogaidh uile maille ris, orra aig uisgeachan Mheroim gu h‑obann, agus bhuail iad orra.

Agus rinn Iosua riu mar a dh’iarr an Tighearna air: gheàrr e iosgaidean an each, agus loisg e an carbadan le teine.

Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh, Naomhaichibh sibh fhèin; oir a‑màireach nì an Tighearna nithean iongantach nur measg.

Agus sheas Phinehas, mac Eleàsair mhic Aaroin, na làthair anns na làithean sin,) ag ràdh, An tèid mi fhathast a‑rìs a‑mach gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin, mo bhràthair, no an sguir mi? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas; oir a‑màireach bheir mise thairis iad dod làimh.

Agus air an oidhche sin fhèin thubhairt an Tighearna ris, Eirich, falbh sìos a dh’ionnsaigh an fheachd, oir thug mise thairis e dod làimh.

Agus thubhairt iad ris na teachdairean a thàinig, Mar seo their sibh ri fir Iabeis-ghilead, A‑màireach, nuair a dh’fhàsas a’ ghrian teth, bidh cobhair agaibh. Agus thàinig na teachdairean, agus dh’innis iad sin do fhir Iabeis; agus bha aoibhneas orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan