Iosua 11:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chaidh iad a‑mach, iad fhèin agus am feachd uile maille riu, sluagh lìonmhor, eadhon mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd, le eich agus carbadan ro‑lìonmhor. Faic an caibideil |
Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile gu cogadh ri Israel, deich-mìle-fichead carbad, agus sia mìle marcaiche, agus sluagh mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd: agus thàinig iad a‑nìos, agus champaich iad ann am Michmas, a làimh na h‑àird an ear o Bhet-abhen.