Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 11:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a dh’ionnsaigh a’ Chanàanaich air an làimh an ear agus an làimh an iar, agus a dh’ionnsaigh an Amoraich agus an Hitich, agus a’ Pheridsich, agus an Iebusaich anns na beanntan, agus a dh’ionnsaigh an Hibhich fo Hermon, ann an tìr Mhispeh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Agus Midspah; oir thubhairt e, Dèanadh an Tighearna faire eadar mise agus thusa, nuair a bhios sinn à làthair a chèile.

Agus nuair a chuir an t‑aingeal a‑mach làmh gu Ierusalem gu a sgrios, ghabh an Tighearna aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a sgrios an sluagh, Is leòr e: cùm a‑nis air do làimh. Agus bha aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar-bualaidh Araunah an t‑Iebusach.

Agus thàinig iad gu daingneach Thìruis, agus gu uile bhailtean nan Hibheach, agus nan Canàanach; agus chaidh iad a‑mach don taobh mu dheas de Iùdah, gu Beersèba.

An sin thug rìgh Asa gairm air feadh Iùdah uile (cha robh neach air bith saor), agus thug iad leo clachan Ramah, agus a fhiodh, leis an do thog Baasa e; agus thog rìgh Asa leo Gebha Bheniàmin, agus Mispah.

Agus an sluagh uile a dh’fhàgadh beò de na h‑Amoraich, de na Hitich, de na Peridsich, de na Hibhich, agus de na h‑Iebusaich, nach robh de chloinn Israeil;

Mar dhealt air Hermon, a thuiteas air slèibhtean Shioin; oir an sin dh’àithn an Tighearna am beannachadh, beatha gu sìorraidh.

Chruthaich thusa an àird a tuath agus an àird a deas; nì Tabor agus Hermon gàirdeachas ann ad ainm.

Leamsa o Lebanon, a chèile, leamsa thig o Lebanon: seall o mhullach Amana, o mhullach Shenir agus Hermoin, o àitean-tàimh nan leòmhann, o bheanntan nan liopard.

Air mo shon-sa, feuch, nì mi còmhnaidh ann am Mispah, a fhrithealadh do na Caldèanaich a thig dar n‑ionnsaigh; ach sibhse, tionailibh fìon, agus meas samhraidh, agus ola, agus cuiribh iad nur soithichean, agus dèanaibh còmhnaidh nur bailtean air an do rinn sibh greim.

An sin chaidh Ieremiah gu Gedaliah mac Ahicaim, gu Mispah, agus ghabh e còmhnaidh leis, am measg an t‑sluaigh a dh’fhàgadh anns an fhearann.

Agus thionndaidh an sluagh uile, a thug Ismael air falbh ann am bruid o Mhispah, mun cuairt, agus thill iad, agus chaidh iad gu Iohanan mac Chareah.

Mharbh Ismael mar an ceudna na h‑Iùdhaich uile a bha maille ris, maille ri Gedaliah ann am Mispah, agus na Caldèanaich a fhuaireadh an sin, na fir-chogaidh.

Tha na h‑Amalecich nan còmhnaidh ann am fearann na h‑àird a deas; agus tha na Hitich, agus na h‑Iebusaich, agus na h‑Amoraich, nan còmhnaidh anns na beanntan; agus tha na Canàanaich nan còmhnaidh làimh ris an fhairge, agus ri taobh Iòrdain.

O Aroer, a tha làimh ri bruaich sruth Arnoin, eadhon gu sliabh Shihoin, as e Hermon;

Nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu a‑steach don fhearann a‑chum a bheil thu a’ dol ga shealbhachadh, agus a thilgeas e a‑mach romhad mòran chinneach, na Hitich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Peridsich, agus na Hibhich, agus na h‑Iebusaich, seachd cinnich as mò agus as cumhachdaiche na thusa;

O shliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir, eadhon gu Bàal-gad ann an gleann Lebanoin, fo shliabh Hermoin: agus an rìghrean uile ghlac e, agus bhuail e iad, agus mharbh e iad.

Agus thug an Tighearna thairis iad do làimh Israeil, a bhuail iad, agus a chuir an ruaig orra gu Sìdon mòr, agus gu Misrephot-maim, agus gu còmhnard Mhispeh air an làimh an ear, agus bhuail iad iad, gus nach d’fhàg iad aon dhiubh beò.

Agus Gilead, agus crìoch nan Gesurach, agus nam Maachatach, agus sliabh Hermoin uile, agus Basan uile gu Salcah;

Agus fearann nan Gibleach, agus Lebanon uile leth ri èirigh na grèine, o Bhàal-gad fo shliabh Hermoin, gu ruig an dol a‑steach do Hamat:

Agus Dilean, agus Mispeh, agus Iocteel,

A‑thaobh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iùdah am fògradh a‑mach: ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Iùdah ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

Agus Mispeh, agus Chephirah, agus Mosah,

Agus thubhairt Iosua, Le seo bidh fhios agaibh gu bheil an Dia beò nur measg, agus gum fuadaich e gun teagamh a‑mach romhaibh na Canàanaich, agus na Hitich, agus na Hibhich, agus na Peridsich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na h‑Iebusaich.

An sin chaidh clann Israeil uile a‑mach, agus chruinnicheadh an coitheanal ri chèile mar aon duine, o Dhan gu Beersèba, agus o thìr Ghilead, a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh.

Agus thubhairt clann Israeil, Cò am measg uile threubhan Israeil nach tàinig a‑nìos maille ris a’ choitheanal a dh’ionnsaigh an Tighearna? Oir rinn iad mionnan mòra ma thimcheall-san nach tigeadh a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh, ag ràdh, Cuirear gu cinnteach gu bàs e.

Agus thubhairt iad, Cia an aon de threubhan Israeil nach tàinig a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh? Agus, feuch, cha tàinig duine don champ o Iabes-ghilead a dh’ionnsaigh a’ choitheanail.

Eadhon còig tighearnan nam Philisteach, agus na Canàanaich uile, agus na Sìdonaich, agus na Hibhich a bha a chòmhnaidh ann an sliabh Lebanoin, o shliabh Bhàal-hermoin gu dol a‑steach Hamait.

Agus ghabh clann Israeil còmhnaidh am measg nan Canàanach, nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach:

Agus ghairm Samuel an sluagh ri chèile a dh’ionnsaigh an Tighearna gu Mispeh;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan