Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 11:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mar sin ghlac Iosua an tìr uile, a rèir nan uile a thubhairt an Tighearna ri Maois, agus thug Iosua i mar oighreachd do chloinn Israeil, ann an earrannan a rèir an treubhan. Agus fhuair an tìr fois o chogadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh an clann a‑steach, agus shealbhaich iad an tìr, agus chìosnaich thu romhpa luchd-àiteachaidh na tìre, na Canàanaich, agus thug thu thairis nan làimh iad fhèin agus an rìghrean, agus sluagh na tìre, a dhèanamh riu mar a bu mhiann leo.

Caisgidh e an cogadh gu iomall na talmhainn; brisidh e am bogha, agus gearraidh e an t‑sleagh; na carbadan-cogaidh loisgidh e le teine.

Coimhead thusa an nì a tha mi ag àithneadh dhut an‑diugh: Feuch, fuadaichidh mi a‑mach romhad an t‑Amorach, agus an Canàanach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach.

Anns an fhearann bidh a shealbh ann an Israel; agus cha sàraich m’uachdarain-sa nas mò mo shluagh: agus am fearann bheir iad do thaigh Israeil a rèir am fineachan.

Ach Iosua mac Nuin, a tha na sheasamh ad làthair, thèid esan a‑steach an sin. Thoir misneach dha, oir bheir e air Israel a shealbhachadh.

Uime sin nuair a bheir an Tighearna do Dhia fois dhut od naimhdean uile mun cuairt, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut mar oighreachd ra shealbhachadh, dubhaidh tu as cuimhne Amaleic o bhith fo nèamh; cha dìochuimhnich thu e.

Rè ùine fhada rinn Iosua cogadh ris na rìghrean sin uile.

Agus is iad seo rìghrean na tìre a bhuail Iosua agus clann Israeil air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar, o Bhaal-gad ann an gleann Lebanoin, eadhon gu sliabh Halaic, a tha a’ dol suas gu Seir: a thug Iosua do threubhan Israeil mar sheilbh, a rèir an roinnean:

Agus thilg Iosua croinn air an son ann an Siloh, an làthair an Tighearna: agus an sin roinn Iosua am fearann do chloinn Israeil, a rèir an roinnean.

Agus a‑nis thug an Tighearna ur Dia fois dur bràithrean, mar a gheall e dhaibh; a‑nis uime sin tillibh, agus rachaibh dur pàilleanan, agus gu fearann ur seilbh, a thug Maois, òglach an Tighearna, dhuibh air an taobh thall de Iòrdan.

Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan