Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 11:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha d’fhàgadh aon de na h‑Anacaich ann am fearann chloinn Israeil; a‑mhàin ann an Gàsa, ann an Gat, agus ann an Asdod, dh’fhàgadh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thachair an ceann trì bliadhna gun do theich dà sheirbhiseach le Simei a dh’ionnsaigh Achis, mac Mhaachah, rìgh Ghat: agus dh’innis iad do Shimei, ag ràdh, Feuch, tha do sheirbhisich ann an Gat.

Agus an dèidh seo bhuail Daibhidh na Philistich, agus cheannsaich e iad; agus ghlac e Gat agus a bhailtean beaga à làimh nam Philisteach.

Agus Beriah agus Sema: b’iadsan cinn athraichean luchd-àiteachaidh Aialoin, a ruaig luchd-àiteachaidh Ghat:

Agus chaidh e a‑mach, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus bhris e sìos balla Ghait, agus balla Iabneith, agus balla Asdoid; agus thog e bailtean ann an Asdod, agus am measg nam Philisteach.

Anns a’ bhliadhna anns an tàinig Tartan gu Asdod, nuair a chuir Sargon rìgh Asiria a‑mach e, agus a chog e an aghaidh Asdoid agus a ghlac e e;

Ach fhuaireadh Philip ann an Asotos: agus shearmonaich e anns na bailtean uile, a’ dol tron dùthaich, gus an tàinig e gu Cesarèa.

Agus na h‑Abhaich a bha a chòmhnaidh ann an Haserim, eadhon gu Gadsa, sgrios na Caphtoraich a thàinig a‑mach à Caphtor iad, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite.

Sluagh mòr agus àrd, clann nan Anacach, as aithne dhut, agus mun cuala thu air a ràdh, Cò as urrainn seasamh ro chloinn Anaic?

Agus bhuail Iosua iad o Chadeis-barnea gu ruig Gàsa, agus tìr Ghòsein uile gu ruig Gibeon.

Agus dh’fhògair Càleb a‑mach as a sin triùir mhac Anaic, Sesai, agus Ahiman, agus Talmai, clann Anaic.

O Ecron, eadhon gus an fhairge, iadsan uile a bha làimh ri Asdod, lem bailtean beaga.

Asdod le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, Gàsah le a bhailtean as mò agus a bhailtean beaga, gu abhainn na h‑Eiphit, agus an fhairge mhòir, eadhon a crìch.

Agus ghlac Iùdah Gàsa agus a chrìochan, agus Ascelon agus a chrìochan, agus Ecron agus a chrìochan.

Eadhon còig tighearnan nam Philisteach, agus na Canàanaich uile, agus na Sìdonaich, agus na Hibhich a bha a chòmhnaidh ann an sliabh Lebanoin, o shliabh Bhàal-hermoin gu dol a‑steach Hamait.

Agus thàinig curaidh a‑mach à camp nam Philisteach, dom b’ainm Goliath o Ghat, anns an robh sia làmhan-coille agus rèis air àirde.

Agus ghabh na Philistich àirc Dhè, agus thug iad leo i o Eben-eser gu Asdod.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan