Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 11:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus anns an àm sin thàinig Iosua, agus gheàrr e as na h‑Anacaich o na slèibhtean, o Hebron, o Dhebir, o Anab, agus o bheanntan Iùdah uile, agus o bheanntan Israeil uile: sgrios Iosua gu tur iad lem bailtean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Gu deimhinn chan eil ach dìomhanas anns na cnuic, ann an neart nan slèibhtean; gu deimhinn anns an Tighearna ar Dia-ne tha slàinte Israeil.

Mar seo deir an Tighearna, Na dèanadh an duine glic uaill as a ghliocas, agus na dèanadh an duine neartmhor uaill as a neart, agus na dèanadh an duine saoibhir uaill as a shaoibhreas:

Gidheadh sgrios mise an t‑Amorach romhpa, a bha àrd mar àirde nan seudar; agus làidir mar na daragan: gidheadh sgrios mise a thoradh os a chionn, agus a fhreumhan foidhe.

Agus chunnaic sinn na famhairean an sin, mic Anaic, a thàinig o na famhairean; agus bha sinne nar sealladh fhèin mar fhionnain-fheòir, agus bha sinn mar sin nan sealladh-san.

Càit an tèid sinn suas? Chuir ar bràithrean ar cridhe fo mhì-mhisnich, ag ràdh, Tha an sluagh nas mò agus nas àirde na sinne; tha na bailtean mòr, agus daingnichte suas gu nèamh, agus os bàrr, chunnaic sinn mic nan Anacach an sin.

Sluagh mòr agus lìonmhor, agus àrd mar na h‑Anacaich; ach sgrios an Tighearna iad romhpa, agus thàinig iad nan dèidh, agus ghabh iad còmhnaidh nan àite:

Sluagh mòr agus àrd, clann nan Anacach, as aithne dhut, agus mun cuala thu air a ràdh, Cò as urrainn seasamh ro chloinn Anaic?

Agus na rìghrean sin uile, agus am fearann, ghlac Iosua a dh’aon tarraing, do bhrìgh gun do chog an Tighearna Dia Israeil airson Israeil.

Agus chunnaic mi, agus, feuch, each geal; agus bha aig an tì a shuidh air, bogha: agus thugadh dha crùn, agus chaidh e a‑mach a’ buadhachadh, agus a‑chum gum buadhaicheadh e.

Agus thug iad Hebron do Chàleb, mar a thubhairt Maois: agus dh’fhuadaich e as a sin triùir mhac Anaic.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan