Agus thàinig Iehosaphat agus a shluagh a thoirt leo an creiche; agus fhuair iad nam measg ann am pailteas araon beartas maille ris na cuirp mharbha, agus seudan luachmhor a thug iad dhiubh air an son fhèin, tuilleadh is a b’urrainn iad iomchar leo: agus bha iad trì làithean ann an cruinneachadh na creiche; oir bha i mòr.