Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 11:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach a‑thaobh nam bailtean sin uile a sheas a‑ghnàth nan neart, cha do loisg Israel aon dhiubh sin, saor o Hasor a‑mhàin; sin loisg Iosua.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

Mar seo deir an Tighearna, Feuch, bheir mise air a h‑ais bruid pàilleanan Iàcoib, agus air a ionadan-còmhnaidh nì mi iochd, agus togar a’ chathair air a tòrr fhèin, agus bidh an lùchairt a rèir a nòis fhèin air a daingneachadh.

Agus uile bhailtean nan rìgh sin, agus an rìghrean uile, ghlac Iosua, agus bhuail e iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus sgrios e gu tur iad, mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna.

Agus uile chreach nam bailtean sin, agus an sprèidh, ghabh clann Israeil mar chobhartach dhaibh fhèin; ach bhuail iad gach duine le faobhar a’ chlaidheimh, gus an do chuir iad as dhaibh; cha d’fhàg iad neach air bith anns an robh anail.

Agus thug mi dhuibh fearann anns nach do shaothraich sibh, agus bailtean nach do thog sibh, agus ghabh sibh còmhnaidh annta; de fhìonliosan agus de liosan-ola nach do shuidhich sibh, tha sibh ag ithe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan