Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Iosua 10:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal romhpa; oir thug mise thairis dod làimh iad: cha seas duine dhiubh romhad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, thàinig fàidh àraidh gu Ahab rìgh Israeil agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Am faca tusa an sluagh mòr seo uile? Feuch, bheir mise ad làimh iad an‑diugh, agus bidh fhios agad gur mise an Tighearna.

Ciod uime sin a their sinn ris na nithean sin? Ma tha Dia leinn, cò a dh’fhaodas a bhith nar n‑aghaidh?

Agus thubhairt an Tighearna riumsa, Na biodh eagal ort roimhe; oir dod làimh-sa bheir mise thairis e fhèin, agus a shluagh uile, agus a fhearann; agus nì thu ris mar a rinn thu ri Sihon rìgh nan Amorach, a bha a chòmhnaidh aig Hesbon.

Agus bheir e an rìghrean thairis dod làimh, agus sgriosaidh tu an ainm o bhith fo nèamh: cha seas duine sam bith ad aghaidh, gus an cuir thu as dhaibh.

Agus thubhairt Iosua riu, Na biodh eagal oirbh agus na bithibh fo gheilt, bithibh làidir agus biodh deagh mhisneach agaibh; oir mar seo nì an Tighearna ri ur naimhdean uile ris a bheil sibh a’ cogadh.

Uime sin thàinig Iosua orra gu h‑obann: rè na h‑oidhche chaidh e suas o Ghilgal.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na biodh eagal ort romhpa; oir a‑màireach, mun àm seo, bheir mise suas iad uile marbh am fianais Israeil: gearraidh tu iosgaidean an each, agus loisgidh tu an carbadan le teine.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iosua, Na gabh eagal, agus na bi fo gheilt; gabh an sluagh-cogaidh uile maille riut, agus èirich, imich suas gu Ai: feuch, thug mi thairis dod làimh rìgh Ai, agus a shluagh, agus a bhaile, agus a fhearann.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Gu cinnteach bidh mise maille riut, agus buailidh tu na Midianaich mar aon duine.

Agus air an oidhche sin fhèin thubhairt an Tighearna ris, Eirich, falbh sìos a dh’ionnsaigh an fheachd, oir thug mise thairis e dod làimh.

Agus bidh fhios aig a’ choitheanal seo uile nach ann le claidheamh no le sleagh a shaoras an Tighearna: oir is leis an Tighearna an cath, agus bheir e sibhse dar làimh-ne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan